Tha Comhairle Earra Ghà idheal is Bhòid air a gealladh a dhaingneachadh gun dèanar a h-uile dìcheall airson stad a chur air cùisean dìth dachaigh air sgà th droch-dhìol san teaghlach.
Dh’aontaich na buill ri an ainmean a chur ris a’ ghealltanas Make a Stand Pledge. Chaidh an gealltanas Make A Stand Pledge a leasachadh le Chartered Institute of Housing, an com-pà irteachas le Women’s Aid agus Domestic Abuse Housing Alliance, airson iarraidh air buidhnean taigheadais a chur an cèill gun toirear taic do dhaoine a tha a’ fulang droch-dhìol san dachaigh.
Thuirt Ceannard Poileasaidh Taigheadais na comhairle, an Comhairliche Robin MacMhuirich: “Bidh sinn ag obair gu cruaidh airson cùisean dìth dachaigh a sheachnadh a bhios ag èirigh ri linn droch-dhìol san teaghlach agus bidh sinn a’ freagairt gu cùramach agus gu h-iomchaidh nuair a bhios a leithid a shuidheachadh a’ tachairt.
“Tha droch-dhìol san dachaigh air aon de na cùisean as motha ann an comann-sòisealta an latha an-diugh. A rèir nam figearan, tha Women’s Aid ann an Earra Ghà idheal is Bòid air 68 cùisean fhaighinn bhon Ghiblean am-bliadhna. ‘S e suidheachadh uabhasachadh a tha seo agus ris nach bu chòir dhuinn gabhail.
“A thuilleadh air ar n-ainmean a chur ris a’ ghealltanas seo, bidh sinn ag ath-sgrùdadh na Ro-innleachd Ionadail air Taigheadas agus a’ sònrachadh dhòighean eile airson aire an t-sluaigh a thoirt air a’ bhuaidh a th’ aig droch-dhìol san dachaigh. Bidh sinn ag obair le uachdarain shòisealta chlà raichte anns an sgìre airson an com-pà irteachas againn a neartachadh agus airson dèanamh cinnteach gu bheil an dòigh-obrach againn cunbhalach airson gach tagraiche is neach-mà il.â€
Tha ceithir geallaidhean an cois Make a Stand Pledge, agus tha a’ chomhairle a’ coileanadh gach fear dhiubh no an sàs annta an-ceartair. ‘S iad sin:
· Cuir an sàs agus figh a-steach poileasaidh a chumas taic ri luchd-còmhnaidh a tha a’ fulaing ri linn droch-dhìol san dachaigh
· Sgaoil fiosrachadh mu sheirbheisean taic nà iseanta is ionadail air an là raich-lìn agus ann an à iteachan iomchaidh eile gus an lorg luchd-còmhnaidh is luchd-obrach e gu furasta
· Cuir poileasaidh Sgiobachd an gnìomh, no atharraich am poileasaidh a tha ann a-nis, airson taic a chumail ri luchd-obrach a dh’fhaodadh a bhith a’ fulang droch-dhìol san dachaigh
· Cuir tosgaire ann an dreuchd aig ìre à rd sa bhuidhinn airson an gnìomh a ghabhail os là imh a tha a’ cumail taic ri daoine a tha a’ fulang droch-dhìol
Lean an Comhairliche MacMhuirich air: “Tha sinn a’ taisbeanadh ar gealltanais, le bhith a’ cur ar n-ainmean ris an aonta seo, gun dèan sinn ar n-uile dìcheall airson taic a chumail ri daoine ann an Earra Ghà idheal is Bòid a tha a’ fulang droch-dhìol san dachaigh.â€
To read this press release in English visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2019/sep/council-makes-stand-against-domestic-abuse