Chaidh an dà rna Cruinneachadh Gà idhlig ann an Earra-Ghà idheal a chumail air Disathairne (2 Mà rt) ann an Talla a’ Chorrain san Òban.
Bha còrr is 60 neach an là thair airson latha air leth feumail is inntinneach, far an robh am prìomh neach-labhairt, an Leas Phrìomh Mhinistear Iain Swinney BPA, ag iarraidh air daoine adhartas nas luaithe a dhèanamh gus piseach a thoirt air suidheachadh na Gà idhlig.
Thog luchd-labhairt eile air a’ chuspair sin ’s iad a’ bruidhinn air cùisean poileasaidh is leasachaidh, leithid Shona NicIllinnein bho Bhòrd na Gà idhlig agus an Dr Gillian Rothach a bha a’ bruidhinn às leth Ionad Chaluim Chille Ìle agus Sabhal Mòr Ostaig.
Bhruidhinn Ruairidh Greumach bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba air an luach a tha a’ Ghà idhlig a’ cur ri dualchas na h-Alba, agus thog Raonaid NicCoinnich bho Iomairt na Gà idhealtachd is nan Eilean air mar a tha an cà nan a’ cur ri eaconamaidh na dùthcha. Rinn Dòmhnall Morris bho Spòrs Gà idhlig gu math soilleir cho cudromach ’s a tha e gum bi a’ Ghà idhlig air a cleachdadh le agus a’ tarraing dhaoine òga, agus bha an ùidh a th’ aig daoine òga sa chà nan air a sealltainn gu soilleir le òraidean bho dhithis òg a bhios a’ dèanamh tòrr airson a’ Ghà idhlig a chur air adhart: an neach-ciùil Iain Mac a’ Ghobhainn agus an seinneadair is craoladair Kim Carnie.
Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, Ceann-Phoileasaidh airson na Gà idhlig: “Bha e fìor mhath fhaicinn mar a thà inig luchd acadaimigeach, luchd proifeiseanta, luchd-ionnsachaidh agus daoine bhon choimhearsnachd còmhla gus togail air an dealas a th’ againn uile airson a bhith a’ toirt fà s air mar a tha a’ Ghà idhlig air a cleachdadh sna coimhearsnachdan againn agus an lùib turasachd is dualchais. Bha e na thoileachas don Chomhairle leithid a bheachdan is mholaidhean matha fhaicinn agus tha sinn an dòchas togail orra agus adhartas a dhèanamh.â€
Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, John Swinney: “’S e tlachd a bh’ ann cuireadh fhaighinn a thighinn a bhruidhinn aig an dà rna Cruinneachadh Gà idhlig aig Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid. Tha na ceanglaichean eadar an sgìre agus a’ Ghà idhlig air a bhith ann gu math fada, agus tha beairteas annta, le iarrtas bho phà rantan airson barrachd Foghlam tron Ghà idhlig a’ sìor fhà s. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri na luchd labhairt eile an-diugh a chluinntinn, agus ri bhith ag obair còmhla ri Comhairle Earra-Ghà idheal augs Bhòid airson a’ Ghà idhlig a neartachadh sna mìosan a tha romhainn.â€
Tha e mar phà irt de Phlana Gà idhlig na Comhairle airson 2018-2022 gun tèid Cruinneachadh Gà idhlig a chumail a h-uile dà rna bliadhna. Chaidh am Plana sin a dhealbh leis an amas barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh agus a’ bruidhinn a’ chà nain agus gus am feum as motha as urrainnear a dhèanamh de na buannachdan eaconamach a thig na lùib.
Chaidh aonta a chur ri Plana Gà idhlig Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid, a chaidh a thaisbeanadh aig an tachartas, sa Ghiblean 2018 agus tha am Plana a’ sealltainn nan dòighean san cuir a’ Chomhairle taic ri adhartachadh na Gà idhlig. Chithear am Plana Gà idhlig an seo: /sites/default/files/migrated_files/gaelic_language_plan.pdf
This story is also available in English at: /news/2019/mar/gaelic-gathering-hailed-great-success