Tha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid air aontachadh taic-airgid luach £20,000 a thoirt do dh’Fhèisean nan Gà idheal, a’ bhuidheann a tha a’ toirt taic do agus a’ cur chothroman ionnsachaidh air dòigh airson ceòl traidiseanta, seinn Ghà idhlig agus drà ma Gà idhlig.
Leis an taic bhon Chomhairle, ’s urrainn do dh’Fhèisean nan Gà idheal maoineachadh a bharrachd a thoirt a-steach; mar thoradh air gach £1 de thaic a bheir a’ Chomhairle seachad, thèid £5.40 a chosg air seirbheisean Gà idhlig san sgìre.
Tha maoineachadh na Comhairle a’ tighinn bhon bhuidseat airson Leasachaidhean Coimhearsnachd (£15,500) agus bhon bhuidseat shònraichte aig na Seirbheisean Foghlaim airson Gà idhlig (£4,500) agus tha an taic-airgid airson na bliadhna 2019/20.
Am measg nan iomairtean a gheibh taic bhon airgead seo tha grunn Fhèisean, Cèilidh Earra-Ghà idheal air Chuairt agus Fèis Drà ma Earra-Ghà idheal.
Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, Ceann-Phoileasaidh airson Choimhearsnachdan, Taigheadais, nan Eileanan agus Gà idhlig: “Tha Fèisean nan Gà idheal glè mhath air cur ris an taic-airgid a gheibh iad bhon Chomhairle.
“Tha a’ Ghà idhlig air a bhith freumhaichte gu dlùth ann an eachdraidh is cultar Earra-Ghà idheal is Bhòid o chionn fhada, agus tha e fìor chudromach gun tèid an cà nan a ghleidheadh agus gum bi daoine air am brosnachadh gu bhith ga cleachdadh. Chan e a-mhà in gu bheil an obair aig Fèisean nan Gà idheal a’ cur dìon air ar dualchas, ach cuideachd tha iad a’ toirt misneachd don òigridh agus gam brosnachadh a bhith moiteil às a’ chultar aca.
“Tha sin uile a’ toirt bhuannachdan thar ùine fhada do ar coimhearsnachdan, ar n-eaconamaidh agus do sgìre Earra-Ghà idheal is Bhòid.â€
To read this news release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/gaelic/2019/jun/f%C3%A8isean-funding-secured-201920