Tha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid a’ brosnachadh dhaoine gus à ite a ghleidheadh aig an dà rna Cruinneachadh Gà idhlig a thèid a chumail ann an Talla a’ Chorrain san Òban, air 2 Mà rt.
Tha an tachartas an-asgaidh agus tha e a’ toirt daoine còmhla gus gà irdeachas a dhèanamh ri dualchas Gà idhlig beairteach na sgìre, agus gus beachdachadh air ciamar as urrainn dhuinn cumail oirnn a’ neartachadh agus a’ toirt fàs air a’ chà nan ann an Earra-Ghà idheal is Bòd. Tha e a’ toirt cothrom do bhuidhnean coimhearsnachd is buidhnean eile agus daoine fa leth coinneachadh ri buidhnean nà iseanta agus bidh cothrom ann don a h-uile duine beachdan a thoirt seachad air ciamar as urrainn dhuinn obrachadh còmhla airson Gà idhlig a thoirt air adhart san sgìre.
Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, An Ceann-Poileasaidh airson na Gà idhlig: “Bha a’ chiad Chruinneachadh Gà idhlig air leth soirbheachail, agus tha mi fìor thoilichte gu bheil e gu bhith ann a-rithist ann an 2019. Tha an tachartas seo cho cudromach agus tha e a’ toirt cothrom math don a h-uile duine le ùidh sa Ghà idhlig beachdan is molaidhean a thoirt seachad air ciamar as urrainn dhuinn an cà nan a chur am feabhas.
“Tha sinne, mar Chomhairle, air a chur romhainn nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gum mair a’ Ghà idhlig mar chà nan beò is brìoghmhor thar ùine fhada ann an Earra-Ghà idheal is Bòd. Tha e gu buannachd a h-uile duine againn gun soirbhich leis a’ Ghà idhlig ann an Earra-Ghà idheal is Bòd.â€
Tha e mar phà irt de Phlana Gà idhlig na Comhairle airson 2018-2022 gun tèid Cruinneachadh Gà idhlig a chumail a h-uile dà bhliadhna. Chaidh am Plana sin a dhealbh leis an amas barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh agus a’ bruidhinn a’ chà nain agus gus am feum as motha as urrainnear a dhèanamh de na buannachdan eaconamach a thig na lùib.
Thèid an Cruinneachadh Gà idhlig a chumail eadar 10.30m is 3.30f. Ged a tha e an-asgaidh a dhol ann, bu chòir do dhaoine a tha airson a dhol ann an t-à ite aca a ghleidheadh aig http://tiny.cc/gaelic
Thèid an tachartas a chumail gu dà -chà nanach agus bidh uidheaman-èisteachd ann do neach sam bith a tha feumach air taic le eadar-theangachadh. Tha an t-à ite far am bi e là n ruigsinneach agus thèid lòn beag a thoirt seachad.
An English language version of this news release is available here: /news/2019/jan/book-your-place-second-gaelic-gathering