Chaidh diofar phrìomhachasan a stèidheachadh a tha a’ dèiligeadh ris gach seòrsa leth-bhreith gus dìon a chur air a’ chòir a th’ aig a h-uile neach ann an Earra-Ghà idheal is Bòd gun tèid dèiligeadh riutha ann an dòigh chothromach.
Dh’aontaich Comataidh Phoileasaidhean is Ghoireasan Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid ri seachd Builean Co-ionannachd an-diugh (14 Gearran) airson na h-ùine 2019-23, agus thathar a’ cur an cèill gu soilleir nach seas a’ Chomhairle ri leth-bhreith, sà rachadh no geur-leanmhainn a bhith a’ tachairt do neach sam bith ris a bheil a’ Chomhairle a’ dèiligeadh no leis a bheil iad ag obair – luchd-obrach no luchd-cleachdaidh nan seirbheisean.
B’ iad na Builean Co-ionannachd a chaidh aontachadh:
Luchd-obrach
- Bheir sinn taic do ar luchd-obrach, a’ brosnachadh daoine de gach aois gu bhith a’ gabhail pà irt
- Tha sinn a’ brosnachadh iomadachd air feadh bhuidhnean dreuchdail
Co-chonaltradh is Com-pà irt
- Bidh sinn air piseach a thoirt air co-chonaltradh is com-pà irt le buidhnean a tha fo dhìon sònraichte
Seirbheisean
- Bidh daoine a tha fo dhìon sònraichte a’ faireachdainn gu bheil iad a’ faighinn seirbheisean nas fheà rr
- Gabhaidh sinn ealla ri beachdan dhaoine a tha fo dhìon sònraichte nuair a dh’atharraicheas sinn ar seirbheisean
Foghlam
- Cha cheadaich sinn do bhurraidheachd no sà rachadh a bhith a’ tachairt do dhaoine a tha fo dhìon sònraichte
- Thèid an t-eadar-dhealachadh eadar na h-ìrean coileanaidh ann am foghlam aig daoine a tha fo dhìon sònraichte agus daoine nach eil a lùghdachadh
Leis na Builean Co-ionannachd, thathar ag amas air cur às do leth-bhreith, sà rachadh agus geur-leanmhainn, agus co-ionannachd a chur air adhart eadar daoine aig a bheil feart a tha fo dhìon sònraichte agus daoine aig nach eil. ’S iad na feartan a tha fo dhìon sònraichte: aois, ciorram, ath-bhuileachadh gnè, pòsadh is companas catharra, leatromachd agus fòrladh mà thaireil, cinneadh, creideamh no na tha neach a’ creidsinn, gnè, agus taobh gnèitheasach.
Chaidh na builean a dhealbh is ath-dhealbh às dèidh chòmhraidhean le Fòram Co-ionannachd an Luchd-obrach aig a’ Chomhairle agus co-chomhairleachadh poblach.
Thuirt an Comhairliche Rory Colville, Ceann-Poileasaidh airson Seirbheisean Corporra: “Feumaidh co-ionannachd is cothromachd a bhith an teis-meadhan gach nì a nì sinn mar ùghdarras ionadail, agus tha e cudromach gun do chuir sinn aonta ris na h-amasan is prionnsapalan seo feuch an urrainn dhuinn tomhas a dhèanamh air an adhartas a nì sinn le bhith a’ cur à s do leth-bhreith. Tha na builean seo ga dhèanamh soilleir nach seas a’ Chomhairle ri leth-bhreith agus gun cùm sinn oirnn ag obair gu cruaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil Earra-Ghà idheal is Bòd na à ite sgoinneil airson a h-uile duine a bhith a’ fuireach is ag obair ann.â€
Cuideachd, chaidh aontachadh aig a’ Chomataidh ri dreachd ùr den Phoileasaidh airson Co-ionannachd is Iomadachd, a tha a’ dol an à ite a’ phoileasaidh a chaidh aontachadh ann an 2012.
Chithear na Builean Co-ionannachd is am Poileasaidh airson Co-ionannachd is Iomadachd air là rach-lìn na Comhairle aig http://bit.ly/2DkpstW agus thèid an cur air beulaibh na là n Chomhairle a-nis airson aonta bhuapasan.
An English version of this press release is available here: /news/2019/feb/council-affirms-commitment-equality