Tha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid a’ sireadh iarrtasan airson a Maoin Thachartasan is Fhèisean airson 2020-21.
Dh’aontaich comhairlichean air a’ Chomataidh Poileasaidh is Ghoireasan an-diugh (Diardaoin 15 Lùnastal) ris na sònrachaidhean airson a’ Mhaoin Thachartasan is Fhèisean luach £90,000 a bhuileachadh, agus bithear a’ sireadh iarrtasan eadar Diluain 26 Lùnastal agus meadhan-latha Diluain 7 Dà mhair.
Chaidh am pròiseas a dhèanamh nas fhasa don luchd-iarrtais agus aon mhaoin a-mhà in ann agus an t-suim as à irde a gheibhear stèidhichte aig £5,000.
Bidh cothrom ann do thachartasan ùra is leantainneach suim luach £15,000 a shireadh nuair a tha e soilleir gu bheil cothrom ann luchd-tadhail ùr a tharraing a dh’Earra-Ghà idheal is Bòid. Bidh crìoch nas à irde de £30,000 ann do thachartasan sònraichte nuair as urrainn do thagraichean taisbeanadh gun tèid aig an tachartas còrr is 10,000 luchd-tadhail a thà ladh agus còrr is £1 millean a chur ri eaconamaidh na sgìre.
Cha bu chòir gum bi iarrtas nas à irde na 20% de chosgais iomlan an tachartais.
Tha e fa-near don Chomhairle a’ bhuannachd eaconamach as motha a tha comasach fhaighinn às a’ bheagan maoineachaidh a tha ri fhaotainn. Mar sin dheth, bithear ag amas air tachartasan is fèisean ro-innleachdail a tha stèidhichte anns a’ chiad dol a-mach air tà ladh luchd-tadhail o thaobh a-muigh na sgìre agus a’ leasachadh na tha tarraingeach do luchd-turais eadar-nà iseanta mu Earra-Ghà idheal is Bòid.
Thuirt an Comhairliche Aileen Morton, Ceannard Poileasaidh airson Leasachadh Seasmhach Eaconamach: “Tha tachartasan is fèisean nam pà irt mhòr de na tha tarraingeach do luchd-turais mu Earra-Ghà idheal is Bòid agus tha sinn uamhraidh moiteil gun urra dhuinn tron Mhaoin seo taic a thoirt do thachartasan. Bidh e farpaiseach mar as à bhaist agus bu mhath leam iarraidh air an luchd-iarrtais an stiùireadh a leughadh gu mionaideach agus cothrom na Fèinne a thoirt do na h-iarrtasan maoineachaidh aca.â€
Thathar a’ sùileachadh gum bi barrachd iarrtasan ann na bhios ann de mhaoineachadh anns a’ Mhaoin Thachartasan is Fhèisean ann an 2020-21, mar a thachair ann an 2019-20. Mar sin dheth, feumaidh luchd-iarrtais fianais shoilleir a chur an cèill a dh’innseas carson a tha an tachartas an eisimeil airgead poblach agus ciamar a bhios e na bhuannachd don sgìre.
Faodar iarrtasan don Mhaoin Thachartasan is Fhèisean a dhèanamh air-loidhne aig /events-and-festivals-grants far am faighear stiùireadh cuideachd.
FIOS DO LUCHD-DEASACHAIDH: Thèid a’ mhaoin a bheir taic do choimhearsnachdan agus tachartasan coimhearsnachd nas lugha fhoillseachadh nas fhaide den bhliadhna seo.
This press release is also available in English at: /news/2019/aug/events-and-festivals-fund-accepting-applications-2020-21