¾ÅÐãÖ±²¥

ADHARTAS MATH RI LINN 1140 UAIR DE CHÙRAM-CHLOINNE

Tha atharrachaidhean mòra air tachairt ann an sgoiltean is sgoiltean-àraich ann an Earra Ghàidheal is Bòid tro shaor-làithean an t-samhraidh agus a’ Chomhairle ag ullachadh airson 1140 uair de chùram-chloinne làn-mhaoinichte a chur an sàs ann an tuilleadh sgìrean.

Tha leudachadh cùraim-chloinne bho 600 uair gu 1140 uair mar phàirt de dh’iomairt Riaghaltas na h-Alba airson cùram aig ìre àrd a thoirt do dhaoine òga agus cuiridh e gu mòr ri an cuid àraich agus ri dùnadh a’ bheàrn coileanais co-cheangailte ri bochdainn.

Chaidh seòmar tràth-bhliadhnaichean ùr a chruthachadh aig Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich faisg air Dùn Omhain agus aig ionad Tràth-ionnsachaidh is Cùram-chloinne (ELC) Chàrdan Rois faisg air Baile Eilidh airson an t-àrdachadh seo anns na h-uairean a sholar.

Tha obair togail mhòr air a bhith a’ dol aig na h-ionadan ELC ann am Bun-sgoiltean Chàradal, Dhail Mhàilidh, Dhruim Lèamal, An Tairbeirt, Thigh na Bruaich agus Naomh Eòsaiph, agus tha Ionad Sgoil-àraich Cheann Loch Chille Chiarain air ionad ùr fhosgladh aig Aqualibrium.

Thuirt Ceannard Poileasaidh an Fhoghlaim aig Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid, Yvonne McNeilly: “Tha an leudachadh againn gu 1140 uair a’ dol air adhart gu math. Tha 52 de na h-ionadan ELC againn a’ tairgsinn nan uairean leudaichte a-nis agus tha an còrr a’ tighinn air adhart a-rèir a’ chlàir-ama.

“Tha an luchd-obrach againn anns na tràth-bhliadhnaichean air obrachadh gu cruaidh airson cumail ris na cinn-latha seo agus airson dèanamh cinnteach gu bheil an cùram seo aig ìre àrd airson ar cuid chloinne. Bha iad ag obrachadh gu dìcheallach le an co-obraichean ann an roinnean a’ bhidhe, sheirbheisean oighreachd, slàinte is sàbhailteachd agus le buill Choimisean a’ Chùraim airson seo a thoirt gu buil.

“Tha luchd-obrach air pàirt a ghabhail ann am measgachadh de thrèanadh air ionnsachadh sa bhlàr a-muigh cuideachd. Tha seo cudromach a chionn ‘s gun tèid 50% de dh’ionnsachadh ann an sgoiltean-àraich a dhèanamh sa bhlàr a-muigh bhon Lùnastal 2020.

“Bu thoigh leinn gum biodh bliadhnaichean tràth ar cuid chloinne is dhaoine òga cho math ‘s a ghabhas agus leis an obair inntinnich a tha a’ dol anns an t-seirbheis thràth-bhliadhnaichean againn, tha mi cinnteach gu bheil sinn fhèin a’ dèanamh ar dìchill gus an tachair sin.â€

To read this press release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2019/aug/positive-progress-1140-hours-childcare

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.