ֱ

Sgrùdadh na h-Alba a’ toirt aithne do dheagh stiùireadh ionmhasail na Comhairle

Tha stiùireadhionmhasail èifeachdach ga chur an sàs taobh a-staigh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid le pròiseas nam buidseatan a’ cur cuideam air prìomh amasan na Comhairle.

’S e sin aon de na toraidhean a chithear san Aithisg Sgrùdaidh Bhliadhnail airson 2017/18 a rinn Sgrùdadh na h-Alba agus a chaidh a chur air beulaibh na làn Chomhairle air Diardaoin 29 Samhain.

Cuideachd san aithisg thugadh iomradh air na leanas:

  • Tha rianan riaghlaidh is cunntachalachd freagarrach aig a’ Chomhairle a chuidicheas iad le bhith a’ dèanamh sgrùdadh air na co-dhùnaidhean a nì iad;

  • Bidh a’ Chomhairle a’ dèanamh na h-obrach aca ann an dòigh a tha a’ sìor fhàs nas fhosgarra agus nas soilleire; agus

  • Tha a’ Chomhairle air soirbheachadh ann a bhith a’ brosnachadh choimhearsnachdan gus pàirt a ghabhail ann an cùisean air feadh a’ mhòr-chuid de na roinnean-obrach aca, agus tha iad air na dleastanasan reachdail aca a choileanadh a thaobh na h-Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan.

Thuirt Sgrùdadh na h-Alba cuideachd, ged as urrainn do shuidheachadh ionmhasail na Comhairle a bhith seasmhach sa mheadhan-ùine agus san ùine fhada, tha mar a tha an t-iarrtas agus na cosgaisean airson seirbheisean ag èirigh agus mar a tha maoineachadh airson Ùghdarrasan Ionadail a’ fàs lugha a’ dol a dh’fhàgail tuilleadh uallaich air a’ Chomhairle agus iad a’ feuchainn ris na seirbheisean aca a chumail aig an aon ìre aig a bheil iad an-dràsta.

Thuirt an Comhairliche Gary Mulvaney, Ceann-Phoileasaidh airson Ionmhas Ro-innleachdail agus Ath-nuadhachadh le Calpa: “Tha e na adhbhar misneachd dhomh cluinntinn gu bheilear a’ toirt aithne don Chomhairle airson mar a tha i a’ stiùireadh a cuid ionmhais, a’ cur cuideam air ar n-amasan, agus airson a bhith a’ conaltradh ri ar coimhearsnachdan.

“Gach bliadhna, tha e a’ fàs nas duilghe am buidseat a chothromachadh, agus tha mi a’ cur fàilte air mar a tha Sgrùdadh na h-Alba a’ toirt fa-near don uallach a tha buidseat nas lugha a’ fàgail oirnn agus a’ bhuaidh a th’ aig sin air mar as urrainn dhuinn ar seirbheisean a lìbhrigeadh san dòigh a bu thoigh leinn. Seach gu bheil 80% de ar buidseat a’ tighinn bhon Riaghaltas, tha againn ri bhith a’ sìor ath-sgrùdadh ar n-obrach gus atharraichean a chur an sàs feuch an tèid againn air dèiligeadh ris a’ bheàrn sa bhuidseat againn.

“Tha mar a thug iad fa-near gun do stèidhich sinn ar buidseat air prìomh amasan soilleir fìor chudromach. Tha againn ri cothromachadh a lorg fad an t-siubhail eadar a bhith a’ cosg airgead air nithean às an tig buannachdan san àm ri teachd do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd agus air seirbheisean air a bheil feum againn an-dràsta fhèin. Sin carson a bhios sinn a’ faighneachd do mhuinntir na sgìre dè tha cudromach dhaibh nuair a tha sinn a’ dèanamh cho-dhùnaidhean a thaobh ionmhais gach bliadhna agus tha mi fìor thaingeil don a h-uile duine a bhios a’ gabhail pàirt sna co-chomhairleachaidhean againn.

“Tha e mar cheann-uidhe dhuinn, agus bidh daonnan, a bhith ag obair le ar coimhearsnachdan feuch am bi Earra-Ghàidheal is Bòd a’ sìor dhol am feabhas san ùine air thoiseach agus sinn uile a’ faighinn buannachd às mar a tha an sgìre a’ soirbheachadh. Agus, le bhith ag obair còmhla gus daoine, ionmhas agus obraichean ùra a tharraing gun sgìre, thèid againn air na seirbheisean ris a bheil sinn uile an urra a ghleidheadh.”

To read this press release in English, visit:

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.