ֱ

Sgoilearan air comaig Ghàidhlig a chruthachadh stèidhichte air cultar is dualchas na sgìre

Tha daoine òga, tàlantach bho cheithir dhiofar eileanan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd air tighinn còmhla gus comaig Ghàidhlig a chruthachadh a tha a’ togail air cultar is dualchas làidir na sgìre.  

Chaidh a’ chomaig, “Na Gaisgich”, a sgrìobhadh le sgoilearan air clas 7 sa bhun-sgoile à Ìle, Diùra, Muile agus Tiriodh mar phàirt de phròiseact a chuidicheas clann a tha a’ gluasad bhon bhun-sgoil chun na h-àrd-sgoile.

Bha na sgoilearan uile ag ionnsachadh Gàidhlig mar dàrna cànan san sgoil agus chaidh aca air a’ chomaig a dhèanamh le taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba.

 Às dèidh beagan smaoineachaidh mu dheidhinn, chuir na sgoilearan romhpa an leabhar aca a stèidheachadh air beul-aithris is sgeulachdan bho na h-eileanan aca, agus chuir iad na beachdan aca uile còmhla gus a’ chomaig a dhèanamh.

Chaidh an Companaidh Iomairt Shòisealta, Magic Torch Comics, dha na diofar eileanan gus bùithtean-obrach a chumail far an robh cothrom aig a’ chloinn na sgeulachdan, caractaran agus dealbhan a chur còmhla mar stòiridhean ann an comaig.

 

Thuirt Ceann-Phoileasaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson Foghlaim, an Comhairliche Yvonne McNeilly: “Tha a’ chomaig a’ coimhead sgoinneil. ’S toigh leam gu h-àraidh mar a rinn iad e ann an Gàidhlig agus Beurla, feuch an urrainn don a h-uile duine a leughadh.

  

“Tha a’ chlann air na sgeulachdan a sgrìobhadh ann an dòigh a tha a’ glacadh d’ aire san spot, agus iad a’ togail bratach an dualchais aca aig an aon àm. Tha iad fìor thàlantach agus tha mi cinnteach gu bheil seo na chomharra air an iomadh nì eile a choileanas iad sna bliadhnaichean ri thighinn. Mealaibh ur naidheachd.”

 

Bha an Comhairliche Robin MacMhuirich, Ceann-Phoileasaidh na Comhairle airson Gàidhlig, den aon bheachd: “Tha mi air mo mhisneachadh gu mòr a bhith a’ faicinn nan daoine òga sna coimhearsnachdan againn a’ dèanamh cho math le pròiseact mar seo.

 

“Chan e a-mhàin gu bheil iad a’ cur na Gàidhlig air adhart am measg clann nas òige, ach cuideachd tha iad a’ cuideachadh le bhith a’ gleidheadh sgeulachdan nan eilean a dh’fhaodadh a bhith air an call san ùine air thoiseach.”

 

www.argyll-bute.gov.uk/sites/default/files/migrated_files/gaelic_comic_2018_screen_res.pdf

 

To read this release in english, visit: /news/gaelic/2018/aug/pupils-create-gaelic-comic-celebrate-areas-culture-and-heritage

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.